‘
Le Alistair Paul
Is e cleas a tha air fàs gu math fasanta sna bliadhnaichean a dh’fhalbh, a bhith a’ cur diofar gnèithean ciùil còmhla. Cluinnear ceòl Ceilteach air a mheasgadh le ceòl bho gach ceàrn dhen t-saoghal aig Fèis Celtic Connections agus tha còmhlain leithid Afro Celt Sound System agus Salsa Celtica air soirbheachadh gu mòr leis an fhoirmle. ‘S uarrainnear a ràdh gur e seòrsa alchemy no ’s dòcha còcaireachd a th’ ann; a’ cur caochladh chungaidhean ann am prais — ach dè thig às? Truinnsear de bhiadh blasda blàth no bobhla lite fhuar? Tha cuid a thoraidhean ann a tha nas fheàrr na cuid eile. Ach dè mu dheidhinn ceòl Gàidhlig agus ceòl Americana. An obraicheadh sin?
Fhuair mi an cothrom fhaighinn a-mach aig consart a chaidh a chur air dòigh leis a’ bhuidheann ‘Ceòl ‘s Craic’ aig ionad ealain a’ CCA ann an Glaschu fon bhratach ‘oidhche Americana‘. ‘S e feusta ann an trì cùrsaichean le trì diofar chòmhlain a bha romham le seata bhon t-sàr-sheinneadar Ghàidhlig Kathleen NicAonghais is ‘a càirdean’ na phrìomh thàladh aig ceann a’ ghnothaich.
B‘ e Dòl Eoin MacFhionghuin agus Màiri Mhoireasdan a chuir cùisean air bhog. ‘S ann mar charactaran às an t-sreath siabainn ‘Bannan’ as fheàrr as aithnichear an dithis dhiubh ach tha cliù aca cuideachd mar sheinneadairean. A dh’aindeoin beagan thrioblaidean teicnigeach le giotàraichean agus miocrofònan, dhomhsa dheth, b’ e seo a‘ phàirt a bu shoirbheachaile dhen oidhche. Dh’obraich na guthan aca còmhla an co-sheirmean a bha àlainn is iad a’ togail measgachadh de dh’òrain Ghàidhlig agus òrain Aimeireaganach country is traidiseanta. B’ iad na h-òrain ùra air an sgrìobhadh an nòs country le Dòl Eoin a b’ fheàrr. Bha na faclan dìreach agus firinneach, dìleas don tradaisean country, leis an aon diofar gun robh iad ann an Gàidhlig. Bha e follaiseach gun robh Dòl Eoin spèiseil don ghnè country agus gur e siud a thug dha an comas air fhilleadh an lùib a’ chànain aige fhèin ann an doigh a bha nàdarrach gun a bhith fuadain no faoin.
An uair sin, dithis sheinneadair eile; boireann is fireann a-rithist; Warren McIntyre agus Lorraine Wilson le taic bho chòmhlan Americana de cheathrar. Ma bha thu a’ sireadh ceòl a ghlèidheadh tu ann an crogan leis an leubail ‘Americana‘ air, gus am biodh fìos aig na ginealaichean ri teachd dè bha anns a’ ghnè; b’ e sin e. Ceòl lìomhte, càilear, ùr ach a’ tarraing à cèol country is bluegrass traidiseanta; a bha furasta èisteachd ris. Thog iad orra le òran Gàidhlig air a sheinn le Lorraine. Shruth a guth a-mach is a-steach leis a slide guitar tiamhaidh agus tàladh a‘ ghiotàir-dhealain; le buille chridhe a bheus dùbailt air an cùl; ann an doigh a chuir fo sheun mi. Shocraich mi mi fhèin san t-sèithear ’s mi an dùil ri barrachd dhen leithid. Ach cha tàinig e. Ged a sheinn iad aon sèist a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig bha an còrr de an cuid seinn ann am Beurla (le blas meadhan-Atlantaigeach).
Nuair a thàinig an t-eadar-thamall is cothrom ar n-anail a ghabhail, ’s sinn a bha feumach air leis cho bruthainneach ’s a bha an talla beag dùinte ann am mionach a CCA air fàs. Tìde mi fhèin a phutadh gu toiseach sreath fada a’ bhàir is aghaidh a chur ris an dithis neach-frithealaidh gruamach air cùlaibh a‘ chunntair. Le pinnt Glad Eye air a thilgeil sìos mo sgòrnan is m’ ìota air a thiomadh bha mi air ais aig a‘ bhòrd deiseil airson a’ phrìomh cùrsa. ‘S e a‘ chiad rud don mhothaich mi nuair a thill mi don talla, gun robh an luchd-amhairc air atharrachadh is gun deach iomlaid a dhèanamh uair-eigin san eadar-ghreis eadar luchd–leantainn an Americana agus luch leantainn Kathleen. B’ ann mar gun robh aiseag loch Bhaghasdail dìreach air nochdadh aig cidhe taobh a-muigh a‘ CCA. Bha na h-Aimeireaganaich mas fhìor (dinichean is lèintean breacanach spaideil air an caitheamh le beagan ìoranais) air leaghadh air falbh. Nan àite thàinig na fìor Ghàidheil (dinichean is lèintean breacanach Primark is George air an caitheamh gun sgeul air ìoranas). ‘S bochd nach d’fhuair an dà bhuidheann cothrom blasad fhaighinn air ceòl càch a’ chèile leis gur e sin aon de na h-amasan aig Ceòl ‘s Craic, gu sònraichte dualchas Gàidhlig a chur fa chomhair dhaoine nach eil eòlach air. Ach ’s e rud treubhach a th’ann an ceòl.
Agus cò iad na càirdean aig Kathleen, sin an rud a chaidh a chleith oirnn gu ruige seo? B‘ e dithis dhiubh a nochd na cois air an àrd-ùrlar; Michelle Burke, seinneadair Èireannach à Corcaigh agus cluicheadair-ghiotàir a chuir taic riutha. Cha bu luaithe a bha an gnothach air tòiseachadh na bha mi a‘ faireachdainn gun robh e a’ tighinn gu crìoch. Ged nach tug mi sùil air an uaireadair tha mi an-amharas nach do mhair e fada na b’ fhaide na leth-uair a thìde. San àm seo ruith iad tro dhòrlach òrain Ghàidhlig is country. Bha na h-òrain Ghàidhlig aig Kathleen an ceart cho math ’s a bha iad a-riamh agus bha n h-òrain Aimeireaganach ciatach, ach bu bheag a chaidh an dà stoidhle a mheasgachadh còmhla. San aon dòigh bha na guthan aig Michelle is Kathleen àlainn ach, dhomhsa, chailleadh cothrom a bhith a’ togail air dà ghuth làidir gus eadar-mhìneachaidhean ùra a chruthachadh. ‘S e an aon rud a cheangail na h-òrain còmhla an giotàr coileanta ann an stoidhle swing country. Chuir a chuid cluich ghrinn taic air cùl nan seinneadairean a bha an dà chuid iomadh-fhillte is sèimh a rèir ’s na bha a dhìth gus còrdadh leis na guthan is sruthadh nan òran.
An e haute cuisine a fhuair mi? Chan e buileach. Mas urrainn dhomh meatafor a’ bhìdh a shìneadh aon uair eil ann an dòchas nach bris e, ’s e a fhuair mi; bobhla lite bhlàth. Shàsaich e m’ acras gun a bhith a’ togail m’ ùidh cus. Ach cha deach an lite a mheasgachadh ro mhath; fhuair mi cnapan tarbhach milis, am measg brochan tana (tana lom), no baked beans ann an rud beag cus sabhs tomàto.